Na Tròiseachan
![](http://chped.net/https/upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/e/e5/Trossachs_loch_dsc06739.jpg/300px-Trossachs_loch_dsc06739.jpg)
Tha Na Tròiseachan (no Na Tròisichean) na cheàrn am meadhan na h-Alba. Tha iad ainmichte airson bòidhchead nàdurrach nam beann is nan gleann is nan loch. Is e facal àrsaidh a th' anns na tròiseachan, a' ciallachadh nan àite-coise (a-rèir choltais eadar Loch Ath-chrathaigh agus Loch Ceiteirein). O chionn 's gu bheil Na Tròiseachan cho faisg air Glaschu is Sruighlea, tha iad nan ceann-uidhe coitcheanta. B' e a chiad phàirc nàiseanta Albannach Loch Laomainn is nan Tròisichean. Is e a' bheinn as motha anns na Tròiseachan Beinn Lidi (no Lididh). Is iad na lochannan Loch Ceiteirein, Drongaidh, Ath-Chrathaigh, Ard, Bheannchair. Ged a tha an ceàrn ainmeil airson a bhòidhchead nàdurrach, tha iomadh baile ann cuideachd, a' gabhail a-staigh Calasraid, Obar Phuill, Srath Eadhair, agus Both Chuidir. Tha uaigh an fhear-cùirn ainmeil, Raibeart Ruadh MacGriogair, ann am Both Chuidir.