An Cliseam
Appearance
An Cliseam
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte ![]() |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Na h-Eileanan Siar ![]() |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Nis ![]() |
Suidheachadh cruinn-eòlais | Na Hearadh ![]() |
Domhan-leud is -fhad | 57°57′49″N 6°48′50″W ![]() |
Comharran-cléithe SO | NB154073 ![]() |
![Map](https://maps.wikimedia.org/img/osm-intl,a,57.96365,-6.8139611111111,300x300.png?lang=gd&domain=gd.wikipedia.org&title=An_Cliseam&revid=572811&groups=_4fabb15d3f3d36cdcf2e4044a1fb5ff27ddea420)
![](http://chped.net/https/upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/f/f8/Clisham_top.jpg/220px-Clisham_top.jpg)
'S e beinn air Ceann a Tuath na Hearadh a th' anns a' Chliseam. 'S e a' bheinn as àirde sna h-Eileanan Siar a th' ann, agus 's i an Corbett a-mhàin ann an Innse Gall. Tha slighean gu leòr suas a' bheinn, agus tha sealladh math bhon mhullach. Tha aon shlighe chumanta a' dol suas bho àite-parcaidh ri taobh an rathaid eadar Steòrnabhagh agus an Tairbeart. Tha slighe eile thairis air cruadh-eich a' Chliseim a tha a' tòiseachadh aig ceann a tuath Abhainn Scaladail agus a' dol suas air Mullach an Langa. Tha seallaidhean on mhullach a' nochdadh beanntan a' chruidhe-eich: An t-Isean, Mulla bho Dheas, Mulla bho Thuath, agus Mullach an Langa. Tha a' bheinn mu 799 meatairean (2,621 troighean) a dh'àirde.