Rùnaire
Appearance
![](http://chped.net/https/upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/2/2a/Secretarial_class%2C_Strabane_technical_school.jpg/200px-Secretarial_class%2C_Strabane_technical_school.jpg)
'S e rùnaire (à rùn) neach a tha ag obair ann an rianachd air neo a tha a' toirt taic do sgioba-stiùiridh ann an companaidh neo buidheann eile. Cleachdar am facal airson cuid a dhreuchd aig àrd-ìre san riaghaltas. Mar as àbhaist an Alba, coisinnidh rùnaire eadar £17,000 agus £35,000 gach bliadhna.[1] Mar as àbhaist 's ann dhan chlas-obrach a bhuinneas a' mhòr-chuid dhe na rùnairean, leis gur e ciùird a th' annta.