Uisge For
Appearance
![](http://chped.net/https/upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/57/The_Forth_-_geograph.org.uk_-_352527.jpg/220px-The_Forth_-_geograph.org.uk_-_352527.jpg)
'S e abhainn ann an Albainn a tha ann an Uisge For, no mar a chanas cuid Uisge Foir(the) no Abhainn Foirthe.
Tha i a’ sruthadh bho bhaile Shruighlea san iar, gu ruige a’ mhuir, an Linn Giùdain san ear. Mus ruig i Sruighlea, ’s e an Abhainn Dubh a theirear ris an abhainn, ged a theirear River Forth sa Bheurla ris an dà chuid còmhla, an Abhainn Dubh agus Uisge For. Os cionn Sruighlea tha gné na h-aibhne ag atharrachadh, oir ruigidh lìon na mara Sruighlea, agus bha e comasach do bhàtaichean mara bhith a’ seoladh fhad ri Sruighlea.